Tòrr a’ dol!

 B’ e a’ chiad rud a rinn sinn an t-seachdain seo, spòrs spòrsail le Mgr Vitry.  Mar an t-seachdain sa chaidh bha sinn a’ dèanamh Quidditch.  An àite snac is bainne chunnaic sinn bhideo Harry Potter mu dheidhinn Quidditch a chòrd ris a h-uile duine gu mìorbhaileach!

Gu h-inntinneach bha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn chiad-chobhair.  Tha na clasaichean air a bhith feumail is inntinneach.  An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh dè nì sinn taobh a-muigh na sgoile ma chì sinn cuideigin a tha feumach air cuideachaidh, a-nis faodaidh sinn an cuideachadh oir tha sinn eòlach air ciamar a chùmas sinn sinn fhèin sàbhailte, mar a chuireas sinn fios gu 999 agus cuin is ciamar a chuireas tu cuideigin anns an Recovery Position. Continue reading “Tòrr a’ dol!”

3F – 06.06.19

Cànan

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn charactaran agus suidheachaidhean agus chruthaich sinn na suidheachaidhean againn fhèin le bhith cruthachadh cairtean-phuist.

Matamataigs

Rinn sinn barrachd practas le roinneadh ‘s a’ leughadh cheistean a th’ ann an faclan.

Cuideachd, dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ leughadh griod agus mar a tha sinn a’ sgrìobhadh stiùireadhan airson gluasad mun cuairt griod. Le sin, dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ cleachdadh BeeBot! As dèidh beagan obair, mhothaich sinn gun urrainn dhuinn stiùireadh a chur a-steach gus am bith na BeeBots uile a’ dèanamh an aon rud agus chruthaich sinn consairt beag. Seo an dannsa a chruthaich sinn le ceòl. Abair spòrs!

Consairt BeeBot:

70911DC7-DD58-40EE-8401-2AA28A34E939

A bharrachd air sin, chuir sinn an eòlas a th’ againn ris an ionnsachadh a rinn sinn ann an cànan agus chruthaich sinn suidheachaidhean ùra airson ar BeeBotan.

Pròiseact

Mu dheireadh, chuir sinn crìoch air ar pròiseact airson duais an Comann Rìoghail Ceilteach – chruthaich sinn dealbh-balla mòr airson na luachan uile a shealltainn.

Cuideachd, bha sinn fortanach gun d’ thàinig mamaidh Maia a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn an obair aice mar sealbhadair taigh-bìdh. Bhruidhinn i mu dheidhinn na sgilean a dh’fheumas i airson a th’ obair agus fhuair sinn cothrom clàr-bìdh ùr a chruthachadh airson clann. Mmm blasta!

Spòrs S.T.E.M. le Clas 6T

MATAMATAIG

Chleachd sinn protractair airson diofar meudan de cheàrnan a chlàradh.  Chuir sinn dà phìos sellotape còmhla air an làr airson ceàrn a chruthachadh agus thomhais sinn meud gach ceàrn.  An uair sin, air pìos pàipear beag, sgrìobh sinn meud an ceàrn agus an dè seòrsa ceàrn a bh’ ann – mar eisimpleir, ceart-cheàrn.

LITEARRACHD

Dh’ionnsaich sinn an diofar eadar ‘their’, ‘there’ is ‘they’re’.  Cuideachd, rinn sinn an aon rud airson ‘where’, ‘were’, ‘wear’ is ‘we’re’.  A bharrachd air sin, dh’ionnsaich sinn mar a chleachdas sinn asgair agus mar a tha cuid de dh’fhaclan nas giorra.

SPÒRS

Air Dimàirt, dh’obraich sinn cruaidh a’ glachdadh baton relay san doigh cheart agus sàbhailte airson ar sgioba a chumail luath agus airson a bhith cinnteach nach goirticheadh sinn a chèile.

Air Diardaoin, dh’ionnscaich sinn dhan a’ Bh-uas Nic an t-Sagairt mar a chluicheadh i Quidditch agus an uair sin, chluich sinn gèama mòr.

Air Dihaoine, bha cuid aig cluba ruith far an do rinn iad orienteering. Bha aca ri iantraighean a leantainn gu luath.  B’ e rèis agus co-fharpais puingean a bh’ ann.

CUSPAIR

Air Diciadain, chruthaich sinn dens a-mach à stuth bogsa-cluiche.  Bha aig na dens a bhith mòr gu leòr airson an sgioba gu lèir fhaighinn a-steach, dionach agus làidir gu leòr gus buille bho chuibhle dubh a sheasamh.  Chòrd seo ruin gu mòr oir bha e gu math spòrsail ach, gu mi-fhortanach, dh’fhàs an aimsir gu math fliuch!!

LUACHAN

Chlàr sinn bhideo de dh’òran a sgrìobh sinn mu dheidhinn luachan na sgoile ris an fonn, ‘Shotgun’.  Chruthaich sinn cleasan/danns’ airson gach rann.  Bha seo spòrsail oir bha a h-uile duine a’ gaireachdainn còmhla!

 

Clas 2B a’sealltainn urram do ar sgoil

An t-seachdain seo, rinn sinn stèiseanan ann an spòrs. Bha sinn ag ullachadh airson an Latha Spòrs a th’ againn an ath-sheachdain. Rinn sinn hocaidh, ball-coise agus rèis le poca-ponair air ar cinn.

Bhruidhinn sinn mu dheidhinn luachan na sgoile agus smaoinich sinn mu dheidhinn mar a bhios sinn gan cleachdadh anns a’ chlas. Rinn sinn postair a’ sealltainn Clas 2B – na rudan agus na daoine a th’ ann agus na luachan a th’ ann cuideachd.

Ann an sgrìobhadh, tha sinn gu bhith deiseil le ar sgeulachdan seunta. An t-seachdain seo, chuir sinn ar caractaran, ar suidhaidheachan agus ar trustar ri chèile airson plana an sgeulachd a chruathachadh. Rinn sinn dealbhan a’ sealltainn “beinn na sgeulachd” agus cleachdaidh sinn sin an ath-sheachdain airson ar sgeulachdan a sgrìobhadh.

Tìoraidh an-dràsta,

Clas 2B

Clas 2T- Ealan

Tha sgoilearn C2T air a bhith ag obair gu dìcheallach air pròiseact na h-ealain chruthachail airson farpais an Comann Cheilteach Rìoghail. Seall air na diofar èisg a chruthaich sinn, agus chan eil aon dhuibh coltach! Tha sinn air cleachdadh pàipear gorm airson cùl an dealbh, peant, pinn  agus tòrr stuthan eile de dh’iomadh dath airson luachan ar sgoile a shealltainn.

Is e na luachan a th’ air an riochdachadh an seo: Iomadachad, Urram agus Fèin-urram, Obair Sgioba agus Cruthachalachd.

Glainead Bìdh

An t-seachdain seo, bha an clas ag ionnsachadh mu dheidhinn glainead bìdh agus cho cudromach ‘s a tha e a bhith a’ glannadh ar làmhan agus a bhith a’ cleachdadh uidheaman glan nuair a tha sinn ag ullachadh biadh. Gus meudachadh air na dh’ionnsaich sinn, dh’ullaich a h-uile duine greim-bìdh. Chòrd so ris a’ chlas gu mòr agus dh’ionnsaich iad tòrr bhuaithe.

.

Clas 2T – An-diugh ‘s An-dè

Tha pròiseact an teirm sa air còrdadh ri clas 2T gu mòr! Gus crioch a chur air ar cuspair ‘an-diugh ‘s an-dè’ bha latha sgoile Bhictorianach againn. Chaidh ar seòmar teagasg air ais ann an tìm. Bha bùird na sgoilearan air an cuir ann an sreathan fada. Chaidh na balaich a chuir fa seach a’ chlann nighean agus trannsa a chuir eadar iad.

Chaidh buird dubh agus cailc a thoirt don chlann airson an cuid sgrìobhadh airson an latha. Bha a’ chlann ag aithris clàran uiread gun robh iad aca air an teanga.

Dh’ionnsaich sgoilearan cuideachd mu dheidhinn a’ bhanrìgh Bhictoria! Fiù nach d’thug an tidseaer sùil air innean na sgoilearn gus a bhith cinnteach gun robh iad glan. Bha ad Dunce sa chlas agus chòrd e ris a’ chlann a bhith ga feuchainn orra.

As deidh tòrr obair chruaidh sa chlas, chòrd e ris a’ chlann a bhith cluiche geamaichean Bhictorianach san raonn-chluich.   

 

C2B aig Sgoil Bhictòireanach

Feasgar Diciadain, thionndadh an clas againn gu bhith na chlas Bhictòireanach. Aig toiseach an fheasgar, rinn sinn dà loidhne – aon airson na balaich agus fear eile airson na nigheanan. Nuair a thàinig sinn a-steach dhan t-seòmar bha na buird agus na seathraichean ann an loidheachan cuideachd, le beàrn sa mheadhan, eadar na balaich agus na nigheanan.

Shuidh sinn anns na loidhneachan agus bha na nigheanan agus na balaich sgaipte bho chèile. Rinn sinn làmh-sgrìobhadh air buird dubha agus dh’ionnsaich sinn an clàran uiread dhà. Dh’fheumadh sinn a bhith gu math sàmhach.

An uair sin chaidh sinn a-mach, ann an dà loidhne. Chluich sinn geamannan eadar-dhealaichte. Chluich na balaich le marbharan agus chluich na nigheanan hopscotch. Chan fhaodadh sinn cluich còmhla ri chèile idir.

As dèidh làimh thàinig sinn air ais dhan chlas airson snac a ghabhail. Dh’ith sinn briosgaidean dinnsear agus dh’òl sinn deoch liomaid. Aig deireadh an latha thuirt sinn an ùrnaigh oidhche mus deach sinn dhachaigh.

Bha spòrs againn aig an sgoil Bhictòireanach. Chòrd snac feasgar ruinn gu h-àraidh.

Chun ath-sheachdain,

Clas 2B

Quidditch agus Scratch!

B’ e a’ chiad rud a dh’ionnsaich sinn an t-seachdain seo ciamar a chluicheas tu Quidditch le Mgr Vitry ann an clas spòrs.  An creideadh tu gun urrainn dhut Quidditch a chluich?  Coltach ris a’ gheama ann an Harry Potter, tha diofar obraichean ann ri dhèanamh – Stopper a bhios a’ cluich leis a’ Bhludger; Chasers, a  bhios a’ cluich leis an Quaffle agus daoine eile a bhios a’ toirt am ball dha chèile gus puingean fhaighinn.  Tha trì buill ann – an Snitch, am Bludger agus an Quaffle.

Gu mìorbhaileach Diciadain thàinig Mgr Allan a-steach gu clas a còig.  Gu fortanach bha sinn a’ dèanamh animation air Scratch oir bha Mgr Allan a’ teagasg coding dhuinn.  Gu spòrsail bha sinn a’ cur ri chèile a’ phlanaid againn, aon-ardhcach, muncaidh, rionnag, rocaid, dìneasair agus iomadh rud eile air bhiodeo.  Iongantach nach eil!  Tha sinn cho taingeil do Mhgr Allan a bha gar cuideachadh.

Ann am Fonaigs rinn sinn ‘ch’ agus ‘th’.   Gu h-inntinneach tha na faclan Quidditch agus Scratch air an litreachadh le tch air sgàth’s gu bheil fuaimreag ann ron fhuaim ‘ch’.

Seachdain a’ Toiseachadh 27.05.19 -C3N

Air Dimàirt, le a’ Bh-Uas Horne, chruthaich sinn postairean mu dheidhinn Ionnsachadh a-muigh.

Cànan

Air Diluain, dh’èist sinn ris an sgeulachd ‘Am Bruis-Pheantaidh Sheunta’. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn caractaran bhon stòiridh is chruthaich sinn pròifil den charactar.

Air Diciadain chruthaich sinn na caractaran againn fhìn. An ath sheachdain tha sinn a’ dol a dhèanamh seantansan mu dheidhinn ar caractaran.

Matamataig

An t-seachdain seo dh’obraich sinn air cuir ris le àireamhan 2 is 3 digiteach. Dh’obraich sinn air an leabhar-measaidh againn. Cuideachd, rinn sinn cuir ris ann an deichadan.

Slàinte is Sunnd

An-dè, shuidhe sinn ann an cearcall agus bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn ciamar a bhios sinn ag èisteachd. Bha sinn a’ smaoineachadh mu dheidhinn ciamar a tha sinn a’ faireachdainn mur nach eil daoine ag èisteachd rium.

Ealain

Bha sinn còmhla ris a’ Bh-uas McConnell an t-seachdain seo. Choimhead sinn air a’ bhidio ‘Tha Mi Seinn san t-Uisge’. Bha againn ri na faireachdainnean againn a chuir a-steach dha na dealbhan againn.

Spòrs

Bha sinn ag obrachadh air na sgìlean sadail againn. Cleachd sinn shuttlecock is Javelin airson obrachadh air ar sgìlean sadail. Rinn sinn geamanan sadail còmhla ri Mgr Vitry.